Pròiseact 1888
Am Bìoball airson linn ùrMun Phròiseact
*AIG ÌRE ALPHA*
‘S e prìomh amas Pròiseact 1888 am Bìoball mar a chaidh a chlò-bhualadh ann an 1888 a chraobh-sgaoladh gu dideatach airson a bhi air a chleachdadh ann am prògraman Bìobaill a tha air an cleachdadh gu cumanta. Tha am pròiseact fhathast aig ìre alpha agus ‘s e a mhàin an Tiomnadh Nuadh a tha ri fhaighinn aig an ìre seo, ach tha sinn an dòchas gum bi an t-Seann Tiomnadh ri fhaighinn ann an ùine nach bi ro fhada.
‘S e alpha release a tha seo, chan eil e slàn agus chan eil e uile air a cheartachadh, ach tha mi a meas gum bi na tha air a dheanamh feumail do dhaoine. Ma chi sibh mearachdan (a réir litreachas 1888) faodaidh sibh fios a leigeil air proiseact1888@hebrides.net
Gheibhear moidiulan anns am bucas-lìbhrige →
Tha moidiulan ann airson na prògraman a leanas:
Pocket e-Sword (airson Windows Mobile PPC)
- obraichidh am module seo le Bible Desktop, JSword, FireBible, PocketSword (PPC) &c. cuideachd
Zefania (MyBible)
-air leth math airson daoine Gearmailteach a tha ag iarraidh leughadh a Bhìoball ‘s a Ghàidhlig agus an Gearmailtis
Fòn-làimhe (GoBible Java App)
- ‘S dòcha gu feum thu còd airson ceadachadh a chur an sàs air am fòn agad, gheibh thu seo air an eadar-lìon, m.e. air fòrum airson Samsung neo Nokia.
